Mo Chruinneag Ileach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Ochòin, a Rìgh, gur e mi 'tha muladach,
Nach robh mi 'n Ile 's mo ribhinn lurach ann;
'S i 'thogadh m'inntinn le brìodal cuireadach,
'S a bheir fo chìs mi mur till i tuille rium.


An eilean uaine nan cluainibh glacagach,
A dh'fhàg mi 'ghruagach a's uaisle cleachdaidhean;
Gur tric mi 'bruadar mo luaidh 'bhi 'n taice rium,
'S nuair nì mi dùsgadh mo rùn chan fhaicear leam.

Chan e 'cuid stòrais thug dhomh-s' an acaid seo,
Ach meud a bòidhchead, 's a còmhradh faicilleach --
Tha 'cruth gun fhotus 's gach seòrsa mais' oirre,
'S a guth cho ceòlmhor ri eòin na maidne leam.

Ged tha Dùn-Eideann cho éibhinn caithreamach,
'S na mìltean té ann mar reultan lainnireach --
Le'n òr a' deàrrsadh air sràid cho farumach --
Ach cha bhi 'n àilleachd no 'm blàth ro mhaireannach.

Thoir dhomh-s' a' mhaighdeann 'tha bainndidh cumadail,
Gun cheilg gun fhoill, ach gu caoimhneil furanach;
Ged nach biodh 'saibhreas no h-oighreachd bunaiteach,
Gu'm bithinn aoibhneach le loinn na cruinneig sin.

Ged chaidh a h-àrach aig tràigh nam marannan,
Tha 'buadhan làidir 's tha 'nàdur carthannach,
Thug gaoth nan àrd-bheann dhi slàint' is fallaineachd,
Mar ròs an gàradh fo bhlàth gun fhannachadh.

Gu'm b'e mo dhùrachd 'bhi dlùth do'n chala sin --
'S nuair théid an dùdlachd air chùl chan aithreach leam --
Cha d'thug mi dùil dheth nach stiùirinn thairis ann,
A dhèanamh cùmhnant ri rùn nan caileagan.