Mo Leannan

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Mala chaol is beul tana,
Slios mar fhaoileig na mara,
'S cuailean cuachach nan dual,
Sios mu ghuaillean mo leannain.


'S i mo rùn-sa mhaighdeann chiùin,
Loinneil, chliùiteach, is bhanail --
Bidh mo chridhe 'leum le sùnnd
'Dol a null gu mo leannan.

Mar na ròsan glan fo'n driùchd,
Finealt', ùrail, gun smalan;
Tha gach àilleachd, mais' is mùirn,
Ann an giùlan mo leannan.

Tha i bainntidh, caoin, gun ghruaim,
Cuimir, uallach is fallain;
'S chan eil òighe 'measg an t-sluaigh
A bheir buaidh air mo leannan.

Ge do tha mi gann de stòr,
Nì mi seòl dhi air aran;
'S chan eil duine fo na neòil
A gheibh còir air mo leannan.