Mo Roighinn 'S Mo Rùn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Mo roighinn 's mo rùn a chunna mi 'n dé,
Gun ghabhainn dhomh fhéin gun stòras i;
Mo roighinn 's mo rùn a chunna mi 'n dé.


Latha dhomh 's mi falbh nan àrd,
Gur trom a bhàrc an ceò orm.

Ghabh mi sìos an cois an fhuarain
'S thachair gruagach òg orm.

Bu ghorm a sùil, bu dearg a gruaidh,
Bu ghlan a snuadh 's bu bhòidheach i.

Thug mi gu cnocan grianach
'S dh'iarr mi iasad pòig oirre.

Chrom i ceann is ghabh i àrdan
'S tàmailte gu leòr oirre.

Labhair i 's i gabhail rium mì-thlachd,
'N ann a chuir sìos ri'm bheò orm.

Ma 'se fear thu th'aig mo shàile,
Ruig an t-àit' an còir dhomh bhi.

Le toil m'athar, is mo mhàthar,
'S cead mo chàirdean còrdaidh sinn.