Mo Rùn Geal Dìleas

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Mo rùn geal dìleas, dìleas, dìleas,
Mo rùn geal dìleas nach till thu nall?
Cha till mi fèin riut, a ghaoil, chan fhaod mi:
'S ann tha mi, ghaoil, na mo laighe tinn.


Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn:
Is bheirinn sgrìobag don eilean Ileach
Far bheil an rìbhinn dh'fhàg m' inntinn trom.

Is truagh nach robh mi 's mo rogha cèile,
Air mullach shlèibhtean nam beanntan mòr,
'S gun bhith gar n-èisteachd ach eòin na speura
'S gun tugainn fhèin dhi na ceudan pòg.

Thug mi còrr agus naoi mìosan
Anns na h-Innsean a b' fhaide thall:
'S bean bòidhchead d' aodainn cha robh ri fhaotainn
'S ged gheibhinn saoghal chan fhanainn ann.

Tha t'anail cùbhraidh mar fhàile ùbhlan,
Is tha do shùilean gu meallach, gorm;
Is tu bean uasal is grinne dh'fhuaigheas,
'S ann ris a fhuair thu do thogail òg.

Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte,
Gun dùil rium oidhche gum bithinn beò:
B' e fàth mo smaointean a là 's a dh'oidhche,
Gum faighinn faochadh is tu bhith 'm chòir.

Cha bhi mi strì ris a' chraoibh nach lùb leam,
Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach geug;
Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m' fhàgail,
Cha tàinig tràigh gun mhuir-làn na dèidh.

Mo mhionnan bheir mi air clàr a' Bhìobuill
Gur h-i an fhìrinn a th'ann am bheul --
Nach téid mi sìos ann an leabhar sgìreachd,
Le té gu sìorruidh ach thu fhéin.

Is coma leam ged a shìl an latha,
Is coma leam ged a laidh a' ghrian;
'S ceart coma leam ged a robh mo leabaidh
Gu fada, fada 's an àirde an iar.