Mo Rùn An t-Uasal
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Bheir mi ó ro ho le hó,
Hó ro mo rùn an t-uasal;
Bheir mi ó ro ho le ló.
'S misde dhomh teannadh ri òran
Do cheaptain òg a' chùil dualaich.
Nuair a rachadh tu 'n taigh-òsda
Cha bhiodh an stòp ort mar uallach.
'S iad 'gan òl 's tu 'gam pàigheadh,
'S tu gun tàirneadh càch' mu'n cuairt dhìot.
Cha b'iad na peighinnean brònach
Thigeadh à pòc' an duin' uasail.
Ach ginichean dearg' is dhaite
Gu caitheamh seachad na h-uair' dhuinn.
'S car thu do Fhrisealaich ùra
A choisinn cliù air tùs a' chruadail.
Ged tha iad gann anns a' cheàrn seo,
Tha iad làidir 'san taobh tuath dhuinn.
Bu mhath air thoiseach do dhaoine thu
An àm bhith smaoineachadh air gluasad.
Cridhe misneachail, neo-sgàthach,
An àm dol sìos gu blàr a' chruadail.
Pearsa dhìreach 's àille cumadh
Bho bhonn gu mullach do ghuaillean.
Le d'ghunna 's le d'sgian 'nad làimh,
'S bòidheach do ghabhail an uair sin.
Sealgair sìthneadh air beinn na frìth thu,
Air cùl nan damh sìnte, ruadha.
Bu tu sealgair damh a' chabair
Anns an lagan 'm bi an duathar.
Sealgair na h-eal' air an t-snàmh thu,
'S eòin mhollaich bhàin a' chinn uaine.
Gun do leig iad dhachaidh mo bhràthair,
Ged a chum an sàirdeant bhuainn e.
Cha do ghabh iad truas dha na pàisdean;
Cha robh am màthair gun uallach.