Mo Shùil A'd Dhéidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Ochòin, mo chailin, 's mo shùil a'd dhéidh;
A chailin, mo chailin, 's mo shùil a'd dhéidh;
A Lili, mo Lili, 's mo shùil a'd dhéidh,
Cha léir dhomh am bealach le sileadh nan deur.


Gu'n d'éirich mi mochthrath maduinn an dé,
'S gu'n gheàrr mi 'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgéil;
An dùil gu'm faicinn-sa rùn mo chléibh;
Ochòin, gu'm facas, 's a cùlthaobh rium fhéin.

Na'm bitheadh sud agam, mo lùgh is mo leum,
Mi 'm shuidhe aig bealach 's mo chù air éill,
Gu'n dèanainn-sa cogadh gu làidir treun
Mu'n leiginn mo leannan le fear tha fo'n ghréin.

'S ann orm-sa 'tha 'm mulad 's am fiabhrus mór,
O'n chualas gu'n deach' thu le Brian òg;
Mo chomunn cha dèan mi ri mnaoi 'san fheòil,
O'n rinn thu mo thréigsinn 's mi fhéin a bhith beò.

O, chan eil uiseag 'sna speuraibh gu h-àrd,
No eun anns an doire d'am b'eòl mo ghràdh
Nach eil nis ri tuireadh a dh'oidhche 's a là,
O'n chualas gu'n ghlacadh mo chailin air làmh.