Moladh Loch Ainslie

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
A dhaoine dìleas, dìleas, dìleas,
A dhaoine dìleas, nach till sibh nall;
Gun d'rinn ur sinnsirean beòshlaint dhìreach,
'S gu dearbh, nì sibhse, ma thig sibh ann.


'S ann air Loch Ainslie a fhuair mi m'àrach,
An loch as àille tha gàir' fo'n ghréin,
Le bruachan clobhair is cladach chòmhnard,
An t-uisge 's bòidhche do shùil as léir.

'S i loch an aigh i, mar chaidh a càradh,
Le Dia nan gràsan, am measg nam beann;
'S a chuir na Gàidheil an sin ri àiteach,
'S bu chridheil iadsan nuair bha iad ann.

'S i loch an aigh i, 's am bheil na Gàidheil,
Far bheil mo chàirdean a bhos is thall;
Far 'n d'fhuair mi Gàidhlig, 's mo chridhe blàth dhaibh,
Tha 'n diugh a' tàmhach 's a' chladh ud thall.

Gun tàinig caochlaidean air gach taobh dhi,
Gun dh'fhalbh na daoine 's chan eil iad ann;
Ach 's e mo dhòchas gu'n till an òigridh,
'S gu'n dèan iad pòsadh nuair thig iad ann.

Nuair nithear gluasad gu dhol mu'n cuairt dhi,
Gu'n cuir e smuairean air daoine treun,
Na fearainn fhasach a dh'fhàg ar càirdean
Tha 'n diugh a' tàmh anns gach ceàrn fo'n ghréin'.

Sheinn luchd nan Stàitean do chliù 's gach àite,
Nach eil cho àluinn a bhos no thall;
Le bric an t-sàile fo d'chladaich bhàna,
Dhaibh sin do'n tàrladh bhi tighinn ann.

O 's iomadh fleasgach bha uasal, làidir,
A rinneadh àrach a bhos is thall;
Is gruagaich choire, ghlan-uasal, dhòigheil,
Le aodainn bhòidheach chaidh àrach ann.

'S e bheir dhomh solas air maduinn bhòidhich,
Na h-uain bheag' òga bhi leum le fonn,
Air bailtean briagh' air an cumail dòigheil
Aig daoine coire tha tàmhachd annt'.

Anns a' mhaduinn, nuair nì mi dùsgadh,
Gu'm faich mo shùilean air chùl nan geug,
A' ghrian a' boillsgeadh ma d'bhruachan aoibhneach;
Chì sibh an soillse dhi mar an chòir.

Gé grinn an smeòrach a' seinn 's an òg-choill',
O mhoch gu gloman le òran réidh,
Is binne gu mór leinn tha alltan bòidheach,
A' ruith le solas gu d'chur am meud.

An àm a' gheamhraidh, bidh spòrs gu leòr ann,
Aig fir a sheòlas na h-eich gu reis;
Gu'n tog ur n-inntinn an uair a chì sibh
Gach fear a' strì tigh'nn gu tìr 'na leum.

Tha móran solais an seo do'n òigridh,
Gach feasgar bòidheach gu foghar thall,
A mach am bàta fo theas na gréine;
Gu'n dèan e feum dhaibh nuair théid iad ann.

Bu mhór an t-ioghnadh an seo am bliadhna,
An soitheach sgiathach a bh'anns an speur;
Gu'n deach is sios air taobh an iar dhinn;
B'e 'n Loch a dh'iarr i gu laighe réidh.

Tha bruidhinn làidir gu'n togar àrd i;
Théid solus àlainn chur aig a ceann;
Tha iad ag ràdhtainn gu'n dèan e pàigheadh,
Ma gheibhear àirneis chur oirre ann.

'S e loch a' chairdeis, nam beanntan àrda,
'S am bheil a' Ghàidhlig as àirde fonn;
'S i thogadh m'inntinn nuair bhithinn tùrsach,
'S a dh'fhàgadh sunndach mo chridhe trom.

O'n a thionndaidh mi air mo chùlaibh,
Nuair chluinninn dlùth air sràid nan Gall,
Mo chridhe dh'éireadh nuair chluinninn fhéin i
Toirt sùil 'nam dheidhinn fiach cò bhiodh ann.

Mu'n dèan mi fàgail 's ann nì mi'n dàn seo
A dh'innse m'chàirdean gu bheil mi ann;
'S ann taobh an Leige a fhuair mi m'àrach,
Am measg nan Gàidheil a b'fheàrr a bh'ann.

Is ged a ruiginn-sa cùl nan Innsean,
'S gach àite riomhach 's na tìrean thall,
'S ann taobh na Leige a dh'iarrainn m'ùir bhith
Nuair théid mo shùilean gu dùnadh teann.

Gur h-i an fhirinn a tha mi 'g innse
Anns gach ni a thuirt mi 's an rann;
Bu latha 's bliadhna a chuireadh crìoch air
Gach cliù a dh'iarrainn bhi 'g aithris ann.