Mórag Bheag
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Mórag bheag nighean Mhurchaidh an t-saoir,
'S aotrom a dh'fhalbhas i, 's aotrom a dh'fhalbhas i,
Mórag bheag nighean Mhurchaidh an t-saoir,
'S aotrom a dh'fhalbhas i phòsadh.
Dé nì mi ma shéideas a' ghaoth
'N oidhche mus fhalbh sinn, an oidhche mus fhalbh sinn,
Dé nì mi ma shéideas a' ghaoth,
'N oidhche mus fhalbh sinn a phòsadh?
Dh'fhalbhainn leat a Mhiabhaig an Uig
Ged bhitheadh e anmoch, ged bhitheadh e anmoch,
Dh'fhalbhainn leat a Mhiabhaig an Uig
Ged bhitheadh e anmoch is ceò ann.
'S ann théid mise le mo ghaol
Gu Caimbeulach Uige, gu Caimbeulach Uige,
'S ann théid mise le mo ghaol
Gu Caimbeulach Uige a phòsadh.
Cò 'n té bheag tha danns' air an làr?
Tha bean-na-bainnse, tha bean-na-bainnse.
Cò 'n té bheag tha danns' air an làr?
Tha bean-na-bainnse 's cha mhór i.