Mórag À Dùn Bheagain

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
Hò bhan 's na hò bhan ò,
Hò bhan 's na hì ho rò,
Hò bhan 's na hò bhan ò,
'S mìlse leam mo Mhòrag.


Cailin òg dhan tug mi luaidh,
Air mo bhuadhan fhuair i buaidh,
'S gus an càirear mi san uaigh
Molaidh mi mo Mhòrag.

Nuair bheir mi sgrìob do Phort an Dùin,
Chì mi h-ìomhaigh anns gach flùr;
'S bidh na h-eòin a' briodal rium
'S a' sìor mholadh Mòraig.

Nuair a shèideas mi phìob mhòr,
Mar bu nòs is mar bu chòir,
Bidh gach ceòl a thèid trom mheòir
A' sìor mholadh Mòraig.

Togaidh mise do mo ghràdh
Bothan beag ri taobh na tràigh,
'S an Dùn Bheagan nan seòid 's nam flath
Pòsaidh mi mo Mhòrag.