Muile Nam Morbheann

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Bho'n tha mi gun sunnd, 's is dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuilleadh;
Cha téid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
'S mo rùn am Muile nam mórbheann.


Am Muile nan craobh tha mhaighdeann bhanail,
D'an tug mi mo ghaol 's mi faoin am bharail;
'S ma chaidh i fo sgaoil 's nach faod mi faighinn,
Gun taobh mi caileagan Chòmhail.

Tha maise is uaisle, suairceas is ceanal,
A' dìreadh a suas an gruaidh mo leannain;
Ma bheir thu dhomh fuath, 's nach buan do ghealladh
Nì uaigh is anart mo chòmhdach.

Tha maise no dhà ri àireamh fhathast
Air bhean a' chùil bhàin nam blàth-shul meallach;
Ma bheir thu do làmh, gu'm fàs mi fallain,
'S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh.

Do shlios mar an fhaoilean, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan;
Sùil ghorm is glan aoidh, fo chaoinrosg tana --
'S tu'n òigh a mhealladh gach òigear.

Tha smuaine no dhà an tràth-s' air m'aire,
Chan innis mi 'chàch ceann-fàth mo ghalair;
Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
'S do ghràdh ga m'sgaradh an còmhnuidh.

Gu math thig an gùn o'n bhùth do'n ainnir,
'S an fhasan as ùire 'n cùirt nan Gallaibh;
Troigh ghloin am bróig ùir -- 's i dùint' le barr-iall --
Nach lùb air faiche am feòirnein.

Do chùl mar an lìon 'n a mhìle camag,
Nach greannach fo chìr, is sìod' 'g a cheangal;
Do dheud mar na dìsnean, dìonach, daingeann;
Beul binn a ghabhail nan òran.

'S e 'sgar mi o'm chiall ro-mhiad do cheanail,
'S o'n chaidh thu do'n t-sliabh, nach b'fhiach leat m'fharraid;
'S e d'aogas is d'fhiamh 'chuir pian a'm charaibh,
'S cha mhiann a bh'agam air stòras.