Ho Ró Mo Nighean Donn Bhòidheach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Ho ró mo nighean donn bhòidheach,
Hi rì mo nighean donn bhòidheach,
Mo chaileag, laghach, bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.


A nighean donn nam blàth-shùl,
Gur trom a thug mi gràdh dhuit;
Tha t'iomhaigh, ghaoil, is t'ailleachd
A ghnàth tigh'nn fo'm ùidh.

Cha cheil mi air an t-saoghal,
Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi uait air faondradh,
Cha chaochail mo rùn.

Nuair bha mi ann ad làthair,
Bu shona bha mo làithean --
A' sealbhachadh do mhànrain,
Is àille do ghnùis.

Gnùis aoidheil, bhanail, mhàlda
Na h-òigh is caoimhe nàduir;
I suairce, ceanail, bàigheil,
Lan gràis agus mùirn.

Ach riamh o'n dh'fhàg mi t'fhianuis,
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom 'ga phianadh
Le iarguin do rùin.

Gé lurach air a' chabhsair
Na mnathan òga Gallda,
A righ! gur beag mo gheall-s'
Air bhith sealltainn 'n an gnùis.

'S ann tha mo rùn 'sna beanntaibh,
Far bheil mo rìbhinn ghreannmhor,
Mar ròs am fàsach Shamhraidh,
An gleann fad' o shùil.

Ach nuair a thig an Samhradh,
Bheir mise sgrìob do'n ghleann ud,
'S gu'n toir mi leam do'n Ghalldachd,
Gu h-annsail, am flùr.