Hò Rò Mo Nighean Donn Ghuanach
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hò rò mo nigh'n donn ghuanach,
Hì rì mo nigh'n donn ghuanach,
Mo chailin chruinn dubh ghuanach,
Mo luaidh air an nighean dubh.
Gur mise th'air mo sgeuladh
Nach cluinn mi 'n crodh a' geumraich,
Tha pìobaichean 'gan gleusadh
'S am beus air an dròn a' cluich.
Ged bhithinn-sa 'nam chòirneal,
'S réisimeid fo m'òrdugh,
Cha ghabhainn bean ri pòsadh
Le m'dheòin ach an nighean dubh.
'Nis innsidh mis' a dealbh dhuibh:
Tha bilean tana, dearg oirr',
Deud air dreach an airgead
An carbad na h-ìghinn duibh.
Nuair a dh'fhalbhas bhuainn an geamhradh
'S a thig astaigh a' samhradh,
Ged chosgainn càraidh ghamhna
Bidh danns' aig mo nighean dubh.
Mar bhliadhna tha gach latha leam
Bho sheachdain gus am màireach,
Gu 'n ruig mi Ceann Loch Sàil'
Far na dh'fhàg mi 'n nighean dubh.
Gur ann aig Ceann Loch Ile
A dhealaich mi ri m'nìonag;
Gum b'fheàrr leam again fhìn i
Na mìle té eile 'n diugh.