A Nìghneag A Ghràidh

[Fonn / Tune]



A nìghneag a ghràidh, 's tu dh'fhàg an dochair 'nam cheann,
Air feasgar Diciadaoin, 'nam shuidhe 's mi riasladh ri rann;
Gum b'fheàrr a bhith sìnte gu socair 's gu sìobhalt' 's a' ghleann,
A' cadal le chèile fo dhuilleach nan geugan ud thall.

'S ann dhut-sa, mo leannan, thug mise mo chridhe 's mo chiall,
Mo dhùsgadh, mo chadal, mo reult, mo ghealach 's mo ghrian;
'S tu m'oidhche, mo mhaduinn, mo bhùrn, is m'anail 's mo bhiadh,
'Nam èirigh is laighe 's tu fhéin an t-aingeal 'gam dhìon.

An saoghal ged 's farsaing gum b'fheàrr a bhith tathaich 's a' ghleann,
Ri taobh na h-òg-chailin air thalamh as maisiche leam;
Bidh 'rìomhachd, a h-àilleachd 's a grinneas gu bràth 'na mo cheann,
'S an lùchairt mo chridhe bidh àite, mo nighean, dhut ann.

Thig fois air an talamh, thig tosd air anail a' chuain;
Air tonnan a' chladaich thig tàmh is cadal car uair;
Eòin bheaga na doire nì fasgadh sona fo'n bhruaich,
Ach mo ghaol-sa do m'leannan ri'm bheò chan aithnich e suain.