O Gur Mis' Tha Sona Dheth

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
O gur mise tha sona dheth,
'S mi toilichte is taingeil;
Is ged a tha mo sporan gann
Is suarach leam san àm e.

An là a thàinig mi don t-saoghal,
Thàinig mi gu lom ann;
'S an là a their am bàs rium fhàgail
Fàgaidh mi gun phlang e.

Ma gheibh mi aodach agus biadh,
Is a bhith saor o ainfhiach,
Bidh aoibh is gràdh gach oidhch' is là
Am dhachaigh taobh mo ghealbhain.

Chan e cuid no cuibhreann dhaoin',
Is chan e òr no airgead,
A bheir dhuinn sonas anns an t-saoghal
Tha sin aon nì dearbhte.

Ach a bhith toilichte le 'r staid,
Gun mhath neach eile dhearmad,
Is anns an Tì bheir dhuinn gach nì
Ar cridh' gach là bhith 'g earbsadh.