O Hiù 'Sna h-Iùraibh Eile

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
O hiù 'sna h-iùraibh éile,
O hiù 'sna h-iùraibh éile,
H-iùraibh ò, agus hòro éile,
Mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dhéigh mi.


Càit' a bheil i ann am Muile,
Cruinneag bhòidheach is gile muineal?
Ribhinn àluinn a' bhroillich shoilleir
'S bu deacair dhomhsa cur air a bonnaibh.

C'àite bheil i ann an Albainn,
Cruinneag bhòidheach is gile calpa?
Slios mar fhaoilinn air aodann fairge,
'S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh.

Tha an oidhche nochd fliuch fuaraidh,
Laigh an sneachd air na beanntan shuas ud;
Cha téid mise a dh'fhios nan gruagach,
Ach gus am fàs na gleanntan uaine.

Cha téid mise do'n mhonadh tuilleadh,
Bho nach d'rinn mi bonn feum an diugh ann;
Chaog mi 'n t-sùil ann 's cha d'rinn mi tuilleadh,
Ghlac mi'n crann bho'n 's e rinn mi buill' dheth.