O Tha Mo Dhùil Riut
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O, tha mo dhùil riut,
Tha 's bidh mo dhùil riut;
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féille.
'S caomh leam an t-òigear
Dh'fhalbh uainn Di-dòmhnaich;
'Se e bhi nochd a' seòladh
Thug deòir air mo léirsinn.
Gheall e bhi dìleas,
'S cinnt leam gur fìor e;
Ged tha mi'n diugh fo mhì-ghean
Gun sgrìobhadh o'm eudail.
'S dìomhain bhi tùrsach,
'S deòir air mo shùilean,
Chaoidh cha chuir e cùl rium --
Mo rùn-sa cha tréig mi.
Com 's grinne nàdur,
Beul 's binne mànran,
Roghnaich mi thar chàch e,
'S gur tràth thug mi spéis dha.
Gann biodh ar stòras,
Mór bidh ar sòlas,
Gach làtha mar bu chòir dhuinn
A' còmhnadh a chéile.