Och Mar Tha Mi

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Och mar a tha mi, 's mi 'nam aonar,
'S cianail dh'fhàg thu mi 'n déidh do chòmhradh;
Mo chreach 's mo dhìobhail nach robh mi 'n Ile
'S mo chruinneag dhìleas a' dol a phòsadh.


'S fhir a shiubhlas a-null gu m'dhùthaich,
Thoir leat mo dhùrachd is fàg 'san t-Srom e;
Ma chì thu gruagach a ghoid mo shuaimhneas,
'S a rinn mo bhuaireadh le snuadh a bòidhchead.

Ma chì thu caileag ri'n can iad Bealag,
Aig beul Loch-Carroin tha gabhail còmhnuidh,
Ma gheibh thu sealladh dhe sùilean mealladh,
Tha mis' am mearachd mur toir iad leòn dhuit.

Tha iochd is càirdeas 'na gnuis tha bàigheil,
'S a gruaidh cho àillidh ri blàth nan ròsan;
Tha fiamh a gàire mar ghrian a dèarrsadh,
Cur saighdean gràidh ann an cail gach òigfhir.

Tha fiamh a cuailein, 's e sìos mu guaillean,
Air snìomh 'na dhualan is tuar an òir air;
Tha com cho uallach 's a ceum cho guanach,
'S gu'n d'thug i uam-sa mo shnuadh 's mo sholas.

Ge binn an smeòrach 's a' mhaduinn Chéitein,
A' seinn gu h-éibhinn air bàrr nan ògan,
Gur binne leamsa mo chruinneag ghaolach
Le luinneig chaoin ri mo thaobh 'san t-seòmar.

'S ann leam a b'eibhinn a bhi 'ga h-éisdeachd,
Is fuaim nan teudan a' leum fo meòirean,
Ged bhithinn deurach 's air bheagan speirid,
Gu'n chuir a beusan gach beud air fògradh.

'S gé b'e céile a nì do bhuannachd,
'S gheibh e duais leat nach ceannaich òr dha;
'S gheibh e ciùine le mùirn is stuamachd,
'S maighdeann shuairce, gun uaill, gun ghòraich.

Ach 's e mo dhùrachd nach faigh thu ùmaidh
No fear nach cunntar am measg nan comhlann,
Ach òig-fhear uasal bhios fearail, buadhach,
Bheir sonas buan dhuit 'nuair nì thu pòsadh.