Och Nan Och
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Och nan och, mar tha mise,
Ochòn a Rìgh, mar tha mise,
Ghaoil 's a luaidh, nach robh mise
Gréis gun fhios leat an uaigneas.
Gur mis' tha fo mhulad,
O'n taca so 'n uiridh,
Mo shùilean a' sruthadh,
'S lionn-dubh air mo bhualadh.
'S e do ghaol rinn mo lagadh,
'S a chuir faondradh a'm chadal;
Ciamar 's dùth dhomh bhi fallain,
'S e mo charaid chum bhuam thu?
'S e do ghaol rinn mo lìonadh,
'S a chuir fada bho thìr mi;
Thu bhi fàgail na tìre,
Bhiodh a' brìodal nan gruagach.
'S e mo cheist-sa an t-uasal,
Cas gu dìreadh nam fuar-bheann;
Tha t'anail cho cùbhraidh
Ris na h-ùbhlan 'gam buain leam.
Cha b'e stòras no earras
Chuir mi 'n tòir ort mar leannan,
Ach mi bhi tric mar riut
A' tigh'nn tarsuinn a luaidh rium.