Och Nan Och, Tha Mi Fo Mhulad
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich;
'S cruaidh an càs, ach 's fheudar fhulang,
Nach fhaod mi fuireach ann ad chòir.
Tha mi 'n seo a-nis glé chianail,
Falt mo chinn gach là ga liathadh,
'S e bhi cuimhneach Leòdhas riabhach
A tha 'gam leagail 'nis le bròn.
'S iomadh maduinn bhòidheach Shamhraidh
Bha mi 'ruith nan cnòc 's na gleanntaibh,
'S beag a shaoil mi ann 'san àm sin
A thigh'nn a-nall an-seo ri 'm bheò.
Cuimhneachadh nam beanntan rìomhach,
Far is moch a dh'éireadh grian orr';
'S iomadh maduinn 's oidhche bhriagha
A bha mi riaghladh nam bò.
Ach théid mis' air ais do Leòdhas,
Eilean còmhnard, seasgair buadhach,
Fanaidh mi gu crìoch mo là ann
'S gheibh mi sòlas ann ri 'm bheò.