'S Olc an Obair do Theachdairean Cadal


[Fonn / Tune]



'S olc an obair aig teachdairean cadail,
Hu ru agus huilirinn o ho ro.
Bean òg a' chùil chleachdaich aig baile ga càradh;
Ho ro ho, aig toiseach na tràghad.

Bean òg a' chùil chleachdaich aig baile ga càradh;
Hu ru, [srl.]
Mairead ni' Ruairidh, bean uaisl' an deagh-nàduir,
Ho ro ho, [srl.]

Dhèanadh an t-aodach 's gum bu chaol bhiodh a snàithlean.

Ach a Mhurchaidh 'ic Iain, bu tu cridhe na féile.

Bu tu sealgair nan aighean 's an latha ghil ghréine.

Dol timcheall na leacain gun leagadh tu treud dhiubh.