Òran a' Chuppa

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S e gillean mo rùin a thogadh oirnn sunnd,
'S e seo a' Bhliadhn' Ùr thug solas dhuinn,
'S e gillean mo rùin a thogadh oirnn sunnd.


"Iona Rear team" na chuala mi fhìn
Mar sin 's ann a nì sinn òran dhaibh.

Nuair a thòisich a' luadh 's na taighean mu'n cuairt
Gun chruinnich na gruagaich bhòidheach' ann.

Gun chruinnich na gillean an deaghaidh nan nighean
Gun smaointinn 'nan cridhe gum pòsadh iad.

Tha "flappers" 's a' bhaile, gu bheil iad gu math dheth,
Tha "Harrington" is "Bennett" 'gan còmhdachadh.

Bha 'm falt air a bhraideadh mar chaora as t-earrach,
Nuair chailleadh i badan dha 'n chlòimh aice.

Tha "lipstick" is "rouge" 's stuth rosg air an t-sùil
'S daoine gun tùr a phòsadh iad.

Gum b'ann an Gleann Bharraidh a thòisich an t-sabaid
An dùil gun stadadh na h-òraichean.

Ma gheibh iad an cùpa 's e 'ga lìonadh le ruma
Gun téid sinn 'nan cuideachd 's gun òl sinn e.

Na faigheadh sinn an cùpa, cha chaill sinn e tuilleadh
Ged tha iad á Lunnainn le òranaich'.