Òran An Tealaphon An Gleann Bharraigh
[Fonn / Tune]
Dh'fhalbh mi-fhìn 's Màiri
A choimhead air na càirdean;
Na daoine caoimhneil bàigheil
Tha tàmhachd a-muigh 's a' ghleann.
[Séisd:]
Fear a' bhìoran shiùbhlaich, ho ro ù, o,
A' carachadh 's a' tionndadh dha t'ionnsaidh, mo nighean donn,
Fear a' bhìoran shiùbhlaich dha t'ionnsaidh, mo nighean donn.
Chunna mi ann ioghnadh;
Chan urrainn mi gun innseadh;
Bocsaichean tha rìomhach,
Siod ìnnleachd Professor Bell.
Tha bocs' aig Steabhan Ruairi,
'S chuir e fear 's a bhuaile,
Gu cluinn e o'n chrodh an nuallan
Air uairean a bhios iad fann.
Tha adharc crochte suas ris,
Is cromag air a ghuallann,
Nuair thionndas e mu'n cuairt e,
Bi fuaim anns gach taigh 's a' ghleann.
Dh'innis e le dùrachd
A feum rinn e air 's an dùthaich;
Gun do dh'éigh e suas air Truman,
'S thig rùta gu Barra Glen.
Ian Dhòmhnuill an taobh shuas dha,
Gu'n d'bhruidhinn e Di-Luain air,
Gun d'fhuair e reic dhe'n uachdar
Ri uaislean a th'anns an Fhràing.
Tha bocs' aig Eòin Phòl Thòmais --
Gur sin am fear tha pròiseil;
Gun d'dh'eubh air Harry Lauder,
Seinn òrann a bha air chall.
Tha eagal aig Iain Ruairidh
Gu'n dèan am bocsa tuasaid,
'S gun toir Ruairidh Ruadh leis
A' ghruagach a thug e nall.
Tha Tormod ag ràitinn
Nach dealaich e gu bràth ris,
Gu'n d'bhruidhinn e ris a' Phàp',
'S rinn e "Card'nal" do Ruairidh Eòs.
Sguiridh mi dhe'n òran,
Chan eil e idir dòigheil,
O'n a tha sinn uile còmhla
Mu'n bhòrd seo gu'n gabh sinn dram.