Òran A' Bhiuthagain
[Fonn / Tune]
[Séisd]
Siud agaibh thall e, thall e,
Seo agaibh thall e, thugaibh e,
Siud agaibh thall e, thall e,
'N air' air 'ur ceann bho'n bhiuthagan.
Tha 'n tuath a' togail a cinn,
Tha fasanan Gallda cumant'
'S an innleachd mu dheireadh a th'ann
'Se chanas a' chlann ris biuthagan.
Dh'fhalbh mi mach feadh na h-oidhch'
Gun solus gun soills' ach rionnagan,
Shaoil leam gum faca mi taibhs',
Gu dé bha ann ach biuthagan.
Càit' an deach a' mhodhalachd chiatach?
'S i bha riamh 'nam chuideachd-sa --
Dh'fhalbh i, theich i le nàire,
'S thàinig 'na h-àite 'm biuthagan.
Ged a b'e ministear fhéin e,
Ged a b'e 'n t-éildear urramach
Ged bhiodh a' ghealach 's na speuran
Laiste ris gleus de'n bhiuthagan.