Òran Do'n Mhosgaid
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hill ò ro, hill ò ro,
Hill ò ro, hug eile;
Air fàthill ìthill ò ro,
Is ò ro, hug eile;
Hill ò ro, hill ò ro,
Hill ò ro, hug eile;
Chan fhaigh mi cadal sunndach,
A rùin, 's gun thu réidh rium.
[An Sàighdear:]
"Tha 'n oidhche nochd fliuch, fuar,
'S mi ri uallach mo chéile,
Cha sheas i ri mo ghualainn,
Ged 's fuath leam droch sgeul oirr';
Cha téid i leam dha'n tuasaid,
No dh'uaigneas le chéile,
'S chan urrainn mi cur bhuam,
O'n fhuair mi o'n chléir mi.
'S olc a' chéile leam-sa,
Té rùisgte, gun éideadh,
A chaidleas anns na cùilean,
'S nach ùraich dhomh léine;
Feumaidh mi bhi diùididh,
A' sgùradh a gleusan,
Le cudthrom cupla phunnd,
Eadar ùilleadh is bhréidean.
O'n chiad là chuir mi snaoim riut,
Chaidh maill' 'na mo léirsinn;
Chaidh dìochiumhn' 'na mo chuimhne,
Is buidhre d'a réir sin;
M'aigne chuir thu aimhreit,
'S mo cheann troimh chéile,
'S nach tuiginn srann de d'chànain,
An Gàidhlig no 'm Beurla."
[A' Mhosgaid:]
"Nam biodh tu ann an aimhreit,
No 'n gamhlas, no 'n éiginn,
Is mi bhi air do chùlthaobh,
'S gun tionndadh thu fhéin rium;
Le pailteas luaidh is fùdair,
'S gach ionnstramaid dh'fheumainn;
Gun cuirinn air do nàimhdean
Gu teann an ratreuta."