Òran Do'n Transvaal
[Fonn / Tune]
Gur muladach sinne bhi so gun duin' idir,
A thogas no thuigeas no sheinneas an dàn,
'S le dùrachd mo chridhe soraidh slàn leis na gillean,
A dh'fhalbh air an "steamer" gu ruig an Transvaal.
Deoch slàinte nan gaisgeach a dh'fhalbh air an astar,
Mu'n cuairt Gibraltar 's a-mach do'n Transvaal;
Bheir iad bhuaip' an cuid bhailtean 's gach stòras tha aca,
Nì móran dhiubh beairteas bhios aca gu bràth.
Sud na fir bha sunndach air là na Bliadhn' Ùire,
A' fàgail na dùthcha a dh'ionnsaidh a' bhlàir,
'S ged tha 'm pàrantan tùrsach 's an càirdean 'gan ionndrainn,
Gheibh iad urram o'n Chrùn agus cliù gu là bràth.
Sud far an robh 'n ainneart an toiseach na h-aimhreit,
Dol tarsuinn na h-aibhne bha 'n tìde 's i cho àrd,
O nach fhaigheadh iad ann iad gun drochaid, gun daimpe;
Chaidh fear a bha thall de na Ceannardan thall.
Chuir iad Seanalair Buller a-null thuca an uiridh
Le shaighdearan guineach 's le 'n gunnachan làn;
'S e sgeula na dunaich gu'n chaill e iad uile,
'S na robh e air buannaich bha'n t-urram na b'fheàrr.
Na Gordanaich ainmeil bha riamh ann an Alba,
Luchd dìreadh nan garbh-chrioch is dhearbh iad an làmh;
'S ge b'e gheibh an tiodal tha e doirbh dhuinn a thuigsinn,
Na mharbhadh iad sud 's an "dà fhichead 's a dhà."
Na "Northumbrians" threubhach is deas théid 'nan éideadh,
Le gunna, le beuglaid nuair dh'eubht' iad gu càs;
Nach duilich bhi 'g éisdeachd nan daoine 'ga leughadh,
A luthad 's a dh'éirich de reiseamaid slàn.
'S e Seanalair Roberts ged tha e 'na bhodach,
Tha 'nis air an toiseach 's gu'n coisinn e 'n blàr;
Nì e namhaid a sgiùrsadh le luaidhe 's le fùdar,
'S bi fùil an cuid dhiunlach a sruthladh gu léir.
Chaidh a mhac-san a mharbhadh an toiseach na h-aimhreit
'S gur ann a bha 'n dearmad a mharbhadh cho tràth;
Tha na Breatunnaich deònach gu'n tog iad a' thorachd,
'S cha mhór de na "Boers" thig beò o'n bhlàr.
Bha mi 'cluinntinn bhi leughadh mu dhéidhinn nam béistean,
Gu'n do dheilbh iad an eagair mu'n dh'eubh iad am blàr;
Gu'n do chladhaich iad digean 's iad fhéin annt' 'nan sìneadh;
Chuir sin Breatunnaich mìltean 'nan sìneadh ri làr.
Tha sinn uile ro-thursach air son ar luchd-dùthcha,
Na chaidh de na diulnaich a dh'ionnsaidh a' bhlàir;
Ach ri beagan a dh'ùine théid ac' air an sgiùrsadh,
Na faigheadh iad Kruger air thùs ann an sàs.
'S iomadh h-aon bha fo airtneal, an là thiodhlaic iad Wauchope,
Ged bha iad 'nan gaisgich bha 'n aigne fo phràmh,
Nuair a sheinn na fir ghasd' dhaibh an t-òran bha taitneach;
"Cha téid thu air ais do Lochabar gu bràth."
Tha gach aon ann am barail, mu thoiseach an Earraich,
Gu'm bi Seanalair Warren 's a' bhail' aig Natal,
'S nuair a chromas e 'm bearradh le Reiseamaid Ghearran,
Bidh móran a' sealladh nach càraich gu bràth.
Tha mi 'n dòchas am bliadhna o 's naoidheamh ceud deug i;
Gu'n tig iad gu sìochaint mu'n chriochnaich am Màrt;
'S nach cluinnear gu siorruidh guth cogaidh no mì-shlàint'
'S gu'm bi Breatuinn a' riaghladh na dh'iarr iad mu thràth.