Òran Nam Mogaisean

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha fonn, fonn, fonn,
Tha fonn air na mogaisean,
Tha fon gun bhi trom
Hùg i o, air na mogaisean.


Fhuair mi craiceann caoraich
'S mi 'n dùil gu'n dèanainn mocaisean;
Thilg mi 'n darna taobh e,
'S gun d'fhuair mi boicionn ghamhna.

Bhog mi ann an aol iad,
Fad naoi de làthaichean,
'S chuir mi sin air bòrd iad,
'S gu'n tug mi sgròbadh math orra.

Bi gach aon a' foighneachd,
"Cò a rinn na mogaisean?"
Mi-fhìn 's mo mhini crom,
Chuir gréim air an tarsuinn annta.

Labhair Iain Mac Guaire:
"Cò a dh'fhuaigheal na mogaisean?
Gu'm faic mis' an snàth
Na snàthlainnean geal annta."

Chan fhaic thusa snàth
Na snàthlainnean geal annta;
'S e salachar do shùilean
'Tha mùchadh do shealladh ort.

Di-Dòmhnaich dol dha'n Aifrinn,
An caoimhneas nan caileagan,
Cha ghabh iad facal urnuigh,
Ach sùil air mo mhogaisean.

Na gillean tha iad leòmach,
'S e brògan 's caiseart dhaibh;
Na h-òrdagan 's iad reòta,
'S cha deonaich iad mogaisean.

Nuair thig àm nam bainnsean,
Bi danns' agus caithream againn;
Bi mis' air an ùrlar
'S an ruidhle le mo mhogaisean.

Nuair dhùineas mo shùilean
'S an dusal bhios maireannach,
Na cuiribh mi 'san ùir
Gus an dùin sibh na mogaisean.