Oran na Seana-Mhaighdinn
Ma gheibh mise fear gu bràth,
Plàigh air nach tigeadh e!
Ged nach can mi sin ri càch,
B'fheàrr leam gu'n tigeadh e.
'Na mo laighe 'n seo leam-fhìn,
'S tha e coltach ris gu'm bi,
Ma tha leannan dhomh 's an tìr,
Sgrìob air nach tigeadh e!
Ged a bhiodh a sporan gann,
Dhansainn nan tigeadh e;
Ged a bhiodh a leth-shùil dall,
M'annsachd nan tigeadh e.
Biodh e dubh, no biodh e donn,
Biodh e dìreach, biodh e cam,
Ma tha casan air is ceann,
Dhannsainn nan tigeadh e.
Nuair a bha mi aotrom òg
Phòsadh a fichead mi;
Chuir mi dhìom iad dhe mo dheòin,
'S spòrs dhaibh a nise mi;
Théid iad seachad air mo shròin,
Le'n cuid chruinneagan air dhòrn,
Chaill mi tur orra mo chòir,
'S leònaidh e nise mi.
Tha mo ghruag air fàs cho liath,
'S cianail a nise mi,
Mi 'ga dath an ceann gach mìos,
Pianaidh i nise mi;
Chan eil fiacail 'na mo cheann
Ach a trì tha nunn 's a nall,
Dh'fhalbh mo chruthachd is mo ghreann,
Tha 'n t-àm gu'n robh mise dheth.
Nuair a chì mi mnathan truagh,
'S suarach a' mhisneach e,
Pòsd' aig ùmaidhean gun stuaim,
Buaireas is misg aca --
B'fheàrr leam cadal 'na mo bhrat,
'S a bhi mireag ris a' chat,
Na aig burraidh bhi fo smachd,
Seachnadh a' chuid sin mi.
Có ach iadsan ann an gaol!
'S aotrom a chluicheas iad,
Nuair a gheibh iad pàisdean maoth,
Faoineis gun tuigs' aca;
Is an cridhe tha 'n an com,
Cho beag faireachadh ri'm bonn,
Tha e 'n diugh 'gam fhàgail trom
'N tonn a thug sud orm.
Ach ma chuir iad rium an cùl,
Smùr cha chuir sud orm,
Ach ma's e 's gu'n tig fear ùr,
Sunnd cuiridh sud orm;
Biodh e luath, biodh e mall,
B'fheàirrd an tigh seo e bhi ann,
Feithidh mi gu'n tig an t-àm,
'S dhannsainn nan tigeadh e!