Puinneagan Càil
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S toigh leis an duin' agam bileagan, duilleagan,
'S toigh leis an duin' agam duilleagan càil;
'S toigh leis an duin' agam bileagan, duilleagan;
'S toigh leis an duin' agam puinneagan càil.
Dé nì mi o'n dh'fhalbh an duin' agam?
Dé nì mi ma gheibh e am bàs?
Dé nì mi mur till an duin' agam?
Bidh mi fo mhulad dheth tuillidh gu bràth.
Laithean ar suirigh, nuair rachainn do'n bhuinne,
A lìonadh nan cuinneag, bhiodh Uilleam an làth'r,
A ghàirdean mu m'mhuineal, 's bhreacan glas umainn,
'S bu laghach ar bruidhinn air puinneagan càil.
'S truagh mi fhìn o'n dh'fhalbh thu, Uilleachain;
'S truagh mi fhìn mur till thu, gu bràth;
'S truagh, 's gur truagh, a ghaoil, nach d'fhuirich thu,
'S gheibhinn dhuit puinneagan milis do shàth.
Gach feasgar nuair 's dubhach mi 'g ionndrainn mo dhuineachain,
Dìridh mi 'n tulach o bhunait gu bhàrr;
An sin nì mi suidhe, 's mo shùil air an linne,
A' coimhead nan luingeas a' tilleadh thar sàil.
Ach o, cha till, cha till mo dhuineachan;
O, gun tilleadh e, m'Uilleachan gràidh;
Till, a ghaoil, mu'n greim am burras
Na duilleagan uile 's na puinneagan càil.