Réisimeid Ghàidhealach Eilein Cheap Breatuinn
[Fonn / Tune]
Nuair a ghairmear am baiteal,
Bidh na gaisgich air làimh,
'S an fhuil shuairce 'g an greasad
Gu greadan thoirt dhaibh;
Gràdh dìleas dhan dùthaich,
Dh'an chagailt, 's dhan chrùn;
Cur neirt anns gach gàirdean,
Is spàirn anns gach cùis.
Cha do leig iad air dìochuimhn'
Na tìmean bho chian,
Nuair bu ghnàth do luchd dùthcha
Bhi cliùiteach 's gach gnìomh.
Bidh an diugh mar an dé,
Is gach latha gu bràth,
Toirt urraim is onoir'
Do fhearaibh mo ghràidh.
Thoir mo shoraidh thar mara
Gu fearaibh mo ghràidh,
Clann onoireach, dhìleas,
Nach dìobradh 'sa bhlàr.
Cinn-fine nan Gàidheal
A gheàrdas a' chòir,
'S bhios dìleas do'n chràidhteach,
Gus an tàr iad fo'n fhóid.
Air gach maduinn is feasgar
Tha air n-ùrnuigh dol suas,
Airson "Sìol nam Fear Fearail",
Chaidh thairis air cuan.
Théid ur turus gu math leibh,
'S thig sibh dhachaidh le buaidh;
Gheibh sibh fàilt' agus furan,
'S mór urram an t-sluaigh.