Ri Guaillibh A Chéile

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chéile,
Faicibh a' tighinn iad 's farum 'nan ceuman;
Bratach na Gàidhlig tha nis air a sgaoileadh,
Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chéile.


Anns na linntean a dh'fhalbh le gnìomhachas treun,
Am briathran neo-mhearachdach ìnnsear an sgeul;
Choisinn Clanna nan Gàidheal mór-urram is cliù,
Ri guaillibh a' chéile a' gluasad gu dlùth.

Tha eachdraidh na dùthcha a' cur dhuinn an cèill,
Nuair bhagradh glas-ghuib chur air cànain an gaoil,
Mar dh'èirich iad suas, dh'aindeoin peanas is bàs,
A shaoradh an dùthcha bho chruaidh-chuing an tràill.

Chaidh òrdugh Rìgh Sheumais a-mach anns an tìr,
An cànain 's an dùthchas a bhristeadh a sìos;
Ach sheas iad gu dìleas, is glèidh iad gu slàn
An còirichean dùthchail an aghaidh gach nàmh.

Tha cunnartan fhathast a' bagradh gu teann
Ar dùthchas 's ar cànain a chur bun os cionn;
Tha Ghàidhlig a' gearan 's ag èigheach gu cruaidh
Gu bheil cànain a' choigrich a' faotainn na buaidh.

Tha seann chleachdan nan Gaidheal gu luath dol an dìth,
Is dian-shruth an fhasain gan sguabadh a sìos,
'S mur togar a suas iad le oidhirpean teann,
Gu bràth tha iad caillte do shliochd Thìr nam Beann.

A Chlanna nan Gaidheal gabhaibh earal san àm --
Bithibh dìleas d' ur dùthaich, d' ur cànain 's d' ur dream;
O glèidhibh an dìleab a thugadh dhuibh slàn,
Is deagh-chliù ur n-athraichean leanaibh a ghnàth.