Rosan An Leth-Bhaile
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Air fàl ithil ò ro hug ò cuime 'n ceilinn e,
Air fàl ithil ò ro hug ò cuime 'n ceilinn e,
Gu bheil mo shaoghal mar bhruadar 's e dual dhomh bhith deireasach
'S mo ghaol air bheagan dòchais air Ròsan an Leth-bhaile.
Seinn cliù na h-ainnir bhòidhich ud, Rosan an Leth-bhaile,
A' chaileag laghach, mhòdhar ud, Rosan an Leth-bhaile,
'S math bhuineadh dha bhith sòlasach, òranach, ceilearach,
Gheibh gaol is gealladh-pòsaidh bho Rosan an Leth-bhaile.
Chan e cruas na gaoithe a-raoir chùm om chadal mi,
Is idir chan e 'm fuachd chuir a' gluasad le fadal mi,
'S ann tha ceann-fàth mo smuairein 's mo smuaintean air fad a-nis
'N riochd caileige ro bhòidheach tha 'n Còmh'l nan slios badanach.
O chan e fuaim na gaoithe a-raoir chùm an cadal uam.
Droch phrìs air crodh no caoraich no idir beud bho ghadaichean,
'S e mhill mo thàmh, 's bu leòr siud, mo rùn geal òg bhith fada nis
Bho'n gleann san tric glè aoibhneach ar gràdh da chèile dh'aidich sinn.
Fhir thàinig thar Loch Fìne, nach innis thu dhomh, guidheam ort --
Am faca tu 'n tè bhòidheach a leòn chun a' chridhe mi?
An cuala tu 'n tè chaoibhneil a' faighneachd mum dheidhinn-sa?
An d' innis thu mar tha mi - 's gur bàs dhomh mur feith i rium?
Beannachd air an rìbhinn! beul sìos air fear a charadh i;
Mar nearachd a gheibh làmh rith', -- bhith bhuaipe fàth mo sgaraidh 'n-diugh;
Bhuail saighdean geur a gràidh mi -- cha d' fhàg iad crioman fallain dhìom;
'S ann thàinig orm an gaol ceart mar thig air craoibh an dealanach.
Nam faiceadh tu cneas rìomhach a cum' as glan suidheachadh,
Cha b' iongantach leat e ged bu nèamh leam bhith laighe 'n siud;
Tha caoibhneas, gean is tròcair is neo-chiontachd a-staigh an siud;
'S ann air-san bhios an loinn gheibh, gun roinn, gaol a' chridh' tha 'n siud.
Chan iongantach mo luaidh-sa bhith suairce, glan, fileanta,
Chan ann am measg a' chrìochnaich tha 'm freumh on do ghineadh i;
Tha gheug de stoc as àirde, 's tha blàth air mar chinnich i;
'S ged tha i fhathast uaine, tha buain air aire iomadh fear.
O 's truagh nach robh mi 's m' eudail le chèile 'n cois nam bruthach ud,
Ag iomain sprèidh 's a' mànran fo sgàil nam preasan dubharach;
Gun seinninn dhi mo dhuanag 's gum buaininn dhi na subhagan,
'S gun caitheamaid ar saoghal ceart cho aobhach ri na cuthagan.