Ruidhle Thulachain
[Fonn / Tune]
A nìonag nam meall-shùilean, gur cìreanach, fallain thu,
A nìonag nam basan geala, ghabhainn thu nan tigeadh tu.
Ghabhainn thu 's chan fhidirinn cò bu sheanair idir dhut,
Ghabhainn thu le còta bhioran 's ribeanan 'nad cheann-dubh.
A nìonag nan camagan, gur cinnteach mo ghealladh dhut,
'S ma thig thu nì sinn banais dheth bhios aighearach is ainmeil,
Ghabhainn thu nan tigeadh tu, chan iarrainn tochar idir leat,
Dhannsainn Ruidhle Thulaich leat, is tusa mo bhean-bainnse.