'S Daor A Cheannach Mi 'N t-Iasgach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S daor a cheannaich mi 'n t-iasgach --
Seo a' bhliadhna chuir as dhomh.
'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh'air a' bhòrd an Taigh 'Chladaich.


'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh'air a' bhòrd an Taigh 'Chladaich;
Chaill mi snàmhaich' a' chaolais --
'S tu nach glaodhadh air an aiseag.

Chaill mi snàmhaich', [etc.]
'S ann aig Stac Beul an Àthain
A bhàthadh an gaisgeach.

Siod a' bheart nach do shaoil mi
Air an t-saoghal seo thachairt,

Gu rachadh do bhàthadh
Gu bràth gun chuan farsuing,

Na gu rachadh do mhilleadh
'S do chuid ghillean thigh'nn dhachaidh.

Tha do ghàrtanan rìomhach
Air ìngnean nam portan,

'S tha do bhreacan ùr uasal
Air uachdar an aigeal,

'S tha do léine chaol bhòidheach
Aig na rònaibh 'ga sracadh,

'S tha ruith nan tonn uaine
Mu bhruaichean do leabaidh.

Tha t'fhidheall gun ghleusadh
'S tha na teudan air glasadh,

Tha do thaigh mór gun tughadh;
'S e 's dubhach liom t'aitreabh.

Tha do phiuthar gun bhràthair
'S tha do mhàthair gun mhacan,

Tha do bhean òg gun chéile
'S tha mi fhéin dheth gun dalta:

'S daor a cheannaich mi 'n t-iasgach --
Seo a' bhliadhna chuir as dhomh.