'S Gann Gun Dìrich Mi Chaoidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S gann gun dìrich mi chaoidh,
Dh'ionnsuidh frithean a' mhonaidh,
'S gann gun dìrich mi chaoidh.
Fhuair mi litir a Dùn-Eideann
'G radh nach faod mi dhol do'n mhonadh.
Pàdruig Mór aig Ceann Loch-Aoinard,
Rinn e 'n fhoill 's cha d'rinn e buinnig.
Tha mo ghunna caol air meirgeadh
'S cha dèan mi car seilge tuilleadh.
Tha e 'n crochadh air na tàirngean,
'S cha do thoill e àite fuireach.
'S iomadh latha sgìth a tha mi
'M shuidhe leis, 's e làn, air tulaich.
Gabhail seallaidh air na slèibhtean,
Far am bi na féidh a' fuireach.
Far am biodh an làn-damh bruite
Nuair rachainn-sa le m'rùn air m'uilinn.
'S tric a mharbh mi fiadh àrd-bheann
Air na glinn a b'àille cùlaidh.
Ach o'n dh'fhàs an lagh cho làidir,
'S fheàrr bhith sàbhailt' o gach cunnart.
Nan robh crodh againn air buaile,
Dh'fhaodainn luaithe chur a gunna.
Ach a-nis is fheudar strìochdadh;
'S fear gun chiall a théid an cunnart.
Fhuair mi rabhadh bho na h-uaislean,
Gun mi ghluasad le mo ghunna.
'S iomadh latha bha sinn còmhla
Is mo làmh gu foil mu mhuineal.
Bho'n chiad là fhuair mi còir air,
B'e mo shòlas is mo chuideachd.
Fàgaidh mi a nis an tìr seo,
Chan fhaigh m'inntinn sìth innt' tuilleadh.
Bheir mi ruaig gu còrs' nan Innsean
Fheuch an dèan mi-fhìn am buinnig.
Chan fhaic Pàdruig mi air faireadh,
'S cha ruig stàirneach chruaidh mo ghunn' e.