'S Na Hì O Hù Chalumain

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S na hì o hù Chalumain,
Fallain gu'm bi thu,
'S na hì o hù Chalumain.


'S math thig breacan air fhiaradh
Air sliasaid mo ghaoil-sa.

O fhir a' chùil bhuidhe
Ni a' bhruthach a dhìreadh.

O fhir a' chùil stéidich
Ged is fheudar dhomh innse.

A Chaluim bheirinn ort comhairl'
Gun Beinn Mhothail a dhìreadh.

Ma's toir iolair mhór a' Chliseam
Chun a nid thu 'na h-ìnean.

Thig mo ghùn as an Fhraing
Le chuid fraoidhnichean sìoda.

Thig mo bhoneid as a' bhùth
Le chuid "fhloors" 'na aodann.

Thig mo bhòtunnan dhachaidh
Le "elastic" 'nan taobhan.

Tha mo chleòc' ann an Glaschu,
'S thig e dhachaidh ri tìde.