'S Toigh Leam Cruinneag Dhonn Nam Bò
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò,
Shiùbhlainn leat tro choill' nan cnò;
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh
Dha'n tug mi mo ghràdh 's mi òg.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh,
'Se do ghràdh a rinn mo leòn.
'S toigh leam banarach na buaile,
Buain an fhraoich gu dath a' chlò.
'S toigh leam banarach na buaile,
Aig a bheil dà ghruaidh mar ròs.
'S toigh leam banarach a' ghlinne
Chuireadh air mhire na laoigh òg.
Shiùbhlainn leat tro choill' a' bharraich,
Ged bhiodh càch a' fanaid oirnn.
Shiùbhlainn leat tro choill' an anmoich,
Ged bhiodh càch a' seanchas oirnn.
'S toigh leam cruinneag, 's toigh leam cuachag,
'S i 'n té ruadh a rinn mo leòn.
'S toigh leam cruinneag dhonn an t-sùgraidh
Dhannsadh dlùth air ùrlar bhòrd.
As a sin tro Choill' a' Ghiuthais,
Ged bhiodh càch a' bruidhinn oirnn.
Faodaidh iadsan a bhith bruidhinn;
Cumadh sinn' ar cridhe beò.