Seinn O Ho Ró Seinn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Seinn o ho ró seinn,
Seinn o ho ró leannain,
Seinn o ho ró seinn.


Gur e mise tha fo mhì-ghean,
'S mi 'san tìr seo air m'aineol.

Gur e mise tha gu brònach
Dh'fhalbh Dòmhnull o'n bhaile.

Dh'fhalbh Dòmhnull nan Dòmhnull
Mac 'ic Dhòmhnuill o'n bhaile.

'S ged nach robh mi ga ràdh
Thug mi gràdh dhut 's mi 'm leanabh.

Gur minig a bha mis' is tusa
Air àiridh a chrodh-bhainne.

Ann am bothag an t-sùgraidh
'S gun ga dùnadh ach barrach.

'S bhitheadh mo làmh fo'd chùl dualaich,
'S cha bhitheadh gruaimean air m'aire.

'S bhitheadh na féidh anns a' bhùireadh,
'G ar dùsgadh le langan.

'S bhitheadh a Chuthag 's gug-gùg aic',
Seinn a ciùil air bhàrr chrannaibh.

Bu tu sealgair a gheòidh-ghlais,
Is làmh a leònadh na h-eala.

Is na circeige duinne
Dhèanadh guir anns a roinich.

Is na circeige riabhaich
Dha'm bu bhiadh a fraoch-mheangain.