Siud Mar Chaidh An Càl A Dholaidh

[Fonn / Tune]



Latha dhuinn mu àm na buana,
'S cuideachd ghrinn de ghillean uallach
Suidh mu'n bhòrd ag òl na cuaiche,
An tigh-òsd' air Galldachd.


[Séisd:]
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Seo mar chaidh an càl a dholaidh;
Laigh a' mhin air màs a' choire,
'S bean-an-taighe dannsa.


Air dhuinn greis bhi gabhail òrain,
'S tacan eil' ri sgeulan gòrach;
Chuir Rob Cam a' phìob an òrduigh,
'S thòisich cuid ri dannsa.

'S taigh oirnn thàinig bean-an-taighe
Leis gach té a bha aig baile;
Nighean òg is seann chailleach,
'S iad a' togairt dannsa.

Rug Mac Ràing air té bhig chrannaich,
'S ghabh mi-fhìn le bean-an-taighe;
'S am prioba sùl' bha té an achlais
H-uile fear a bh'ann dhuinn.

Air do'n ùpraid dol 'na déinead,
'S caitein 'g éirigh air na déilean,
Thàinig fear-an-taighe fhéin
Le treud de bhodaich Ghallda.

Leithid a dh'othail shìos an staidhir,
'S iadsan dìreach bhàrr an fhaidhlir;
Glaodh' gu crosda ris na mnathan,
'S b'uamhasach an greann orra.

Throid am fear ri mhnaoi gu sgraingeil,
'S fhreagair ise cheart cho searbh e;
"Bhodaich mhosaich cum do theanga,
'S stad air ball do dhranndan."

"'S beag orm thu, a bhodaich ghrànnda,
Seach bhi cleasachd measg nan Gàidheal,
Ceòl na pìoba, cainnt na Gàidhlig,
Siud a ghnàth a b'anns' leam."