Soraidh Slàn Le Boularderie
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Eirich agus tiugainn ó,
Eirich agus tiugainn ó,
Eirich agus tiugainn ó;
Mo shoraidh slàn le Boularderie.
‘S e freasdal ciùin a stiùir mo cheum
Gu Eilean Mór nan daoine treun,
Air fàilt’ is furan nì mi sgeul
A fhuair mi fhéin am Boularderie.
‘S gus an dùin mo shùil ‘s a’ bhàs,
Bi mise luaidh air sluaigh an àigh,
Chan eil ‘s an t-saoghal uile àit’
Is bòidhche blàth na Boularderie.
Tha cliù an Eilein Mhóir gu fìor,
Tha àireamh mhór an seirbhis Chrìosd’,
‘S iad ministeirean deich no sia
A dheothail cìoch am Boularderie.
O Sheumais Fraser ‘s mór do dhuais,
Thug cùis an Rìgh thu nall thar chuan,
‘S tha d’eiseamplair am measg an t-sluaigh
Air cuimhne bhuan am Boularderie.
Bi cuimhn’ an fhirean beò gu bràth,
Tha d’ainm an diugh le meas air càch,
Tha Seumas Fraser treun gun sgàth
Air ceann a’ bhlàir am Boularderie.
‘S tu fhéin am buachaill’ suairce séimh,
Am measg nan uan le buaidh o nèamh,
Air caoraich Chrìosd’ is mór an sgeimh
A chuir thu fhéin am Boularderie.
Bha Daibhidh Drummond duineil treun
Fad iomadh bliadhn’ air ceann an treud,
A’ seòladh chàich gun chron gun bheud,
‘S e ruith ‘na réis am Boularderie.
Air Iain Fraser nì iad luaidh,
Le cridhe blàth is cuimhne bhuan,
Oir lean e Chrìosd ré a’ chuairt
G’a thogail suas am Boularderie.
Abstol mór is roghainn feadhainn,
‘Na dhùthaich fhéin chaidh cliù thoirt dha,
Tha rùn nan sonn an diugh a’ tàmh
Ri taobh an t-sàil’ am Boularderie.
Nuair chluinnear fuaim air glagan pràis,
Bi guth o’n uaigh am chluais a’ sàs,
‘S guth eil’ o néimh, nach mill am bàs,
Cuir impidh gràis air Boularderie.
O anam bhochd tha diùltadh Chrìosd’,
Fo bhinn a’ bhàis ‘s tu chràidh do chiall,
Tha ‘n ùine geàrr ‘s bi thusa triall,
‘S cha bhi ort sgial am Boularderie.
Tha ‘n eaglais mhór le soisgeul slàint’,
‘S an cladh ri taobh an suain a’ bhàis
Ag innseadh dhuit gur truagh do chàs
Air Crìosd’ nì tàir am Boularderie.
Biodh misneachd mhaith an cridhe dhiubh
Tha cumail cùis an t-soisgeul suas,
Tha nàmhaid dian ‘s tha ‘n cogadh cruaidh,
Ach Crìosd gheibh buaidh am Boularderie.
Gu ma fada beò na laoich,
Daoine còire ‘s mnathan chaomh,
Sean is òg is pàisdean maoth,
Do Chrìosd’ thug gaol am Boularderie.
Tha brod na Gàidhlig aig na seòid
A sheinn na sailm as binne ceòl,
Tha mise falbh, ach b’e mo dheòin
Bhi ùine mhór am Boularderie.
‘S i bean a’ mhinisteir bha còir,
Chan eil na’s uaisle ‘n tìr nam beò,
Cha caoimhneil caomh ‘na h-uile dòigh,
Bu mhath i dhomhs’ am Boularderie.
Tha ‘n t-àm air teachd, ‘s bi mise triall,
Mo chridhe trom, ‘s na deòir cho fial,
An geall air comunn càirdean Chrìosd’,
A dh’fhàg mi shìos am Boularderie.
Nuair théid sinn dhachaidh dh’ionnsuidh glòir,
Air aoibhneis siorruidh gheibh sinn còir,
‘S cha bhi do shùilean fliuch le deòir,
Oir dh’fhàg thu ‘m bròn am Boularderie.