Tha Mo Ghaol Air An Abhainn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Tha mo ghaol air an abhainn,
'S mór mo ghaol air an abhainn,
Far an d'thàinig mi gu sona
Am measg nan daoin' uaisle.
Dh'fhosgail mise taigh an t-sagairt,
Bha e blàth le móran solus,
An t-àit' 's am biodh mise fuireach
A bheannaich Maighstir Fionnlaigh.
Bha Taigh Dhé àrd 's farsuing
Far an d'fhuair sinn iomadh gràsan,
Gabhail ùrnaigh a h-uile latha
Ann an Eaglais Naomh Eòsaph.
Thog sinn talla airson coinneamh,
Thighinn còmhla air gach cothrom,
Ceòl 's dannsadh ann gu fallain
'S gu leòr de dh'òrain Ghàidhealach.
Bha na bailtean 's na taighean
Air cnocan àrd', gach taobh an abhainn,
Ceòl na fìdhle 's nam pìob
Feadh cnuic 's glinn a' Bhràigh'.
Chaidh na bliadhnachan seachad,
Thàinig litir rium bho'n Easbuig
Gu robh àite eile feitheamh,
Dh'fheumadh mi bhi gluasad.