Tàladh Choinnich Oig


[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Fail iù fail eò hi ù ho ró,
Fail iù fail eò, hillinn o ho,
Ho hi ho ró, ho hi ibh ó.


A Mhic Coinnich, na biodh gruaim ort,
Cha do ghlac do mhàthair buarach,
No plaide bhàn air a h-uachdar,
Ach sìoda dearg is stròl uaine.

'S e mac Coinnich fhuair an t-urram
A-measg nam morbhairean uile.
Cheannaicheadh e fìon Baile Lunnainn,
Each is dìollaid fo chuid ghillean.

A Mhic Coinnich mhóir a Brathann,
Mhic an t-seòid nach fhuilingeadh masladh;
Cheannaicheadh tu fìon dha t'eachaibh
'S crùidhean dha'n òr a chur fo'n chasan.

Chan eil an Coinneach òg ach leanabh,
Cha do ràinig e aois a sheanar --
Marbhaiche 'n fhéidh air na beannaibh,
Is coilich dhuibh air bàrr nam meangan.