An Té Bhàn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Té bhàn, té bhàn, té bhuidhe bhàn,
Té bhan a rinn mo bhuaireadh,
Cha chreid mi fhìn nach fhaigh mi làmh,
Té bhàn as àillidh cuailean.


Gur mis’ tha cianail ‘n a mo thàmh,
An tràth seo ort a’ smuaintinn,
Nam biodh an cuan ‘n a thalamh tràight’,
Gu’n ruiginn tràth Di-luain thu.

Bho rinn mi gluasad as an àit’,
‘S an robh mi làmh ri m’ghruagaich,
Tha m’inntinn luaisgeanach gun tàmh,
Gun chàil a thogas suas i.
A shnàmhas thar nan cuantan,
Gu’m bithinn oidhche riut-sa làmh,
Is càch ‘nan cadal suaimhneach.

Gach eala bhàn a théid air snàmh,
Gach faoileag bhàrr nan cuantan,
A’ giùlain uam-sa soiridh slàn
Do’n àit’ ‘sa bheil mo ghruagach.

Gach creag is allt is cnoc is gleann,
Air feadh nam beann ‘s na ghluais sinn,
‘Toirt fianuis air na thuirt sinn ann,
Ma bhios an bann air fhuasgladh.



[Murchadh Mac a’ Ghobhainn]