Tha Fadachd Orm Fhìn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha fadachd orm fhìn, o hì,
'S mi ri dol a ghluasad,
Tha fadachd orm fhìn, o hì.


Fadachd air muin fadachd orm
Bho rinn mo leannan gluasad.

'S fhada leam bho'n dhealaich mi
Ri m'leannan anns an uaigneas.

'S ged bu dubh le càch thu
Bu tu mo sgàthan cuaille.

'S ged bhiodh càch gad' chàineadh,
Mo ghràdh dhuit chan fhuaraich.

'S coltach cùl mo ghràidh-sa
Ri eala bhàn nan cuantan.

'S coltach cùl mo ghaoil-sa
Ri faoileig nan tonn uaine.

'S diombach a chaoidh mi
Ris an luing thug an cuan air.

'S chuir iad mi a Stocaleit
An ceann a b'fhaide tuath dheth.

'S chunnaic mi dol seachad thu
Is deise thartain uain' ort.

Tha sneachd air mullach Ròinebhal
Is ceò air Beann a' Chuailein.