Tha Mi Trom 'S Duilich Leam
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Tha mi trom 's duilich leam,
'S muladach mar tha mi,
O'n chuir mo leannan cùl rium,
Cha téid fear ùr 'na àite.
Nuair chaidh mi chun a' chladaich leat,
'S a dh'amhairc mi a' d'bhàta;
Gun robh mo chridhe 'caoineadh
Ged rinn mi faoin an gàire.
Bha uair a bha mi cuireadach,
Mar uiseagan an fhàsaich,
Nuair chuimhnichinn do shùgradh
A fhleasgaich ùir nam blàth-shùil.
Ach o'n a rinn thu caochladh,
Air faoin-tràgh rinn thu m'fhàgail;
O'n mheall thu le do ghaol mi,
Chan fhaod mi bhi mar bha mi.
Chunna' mi 'n raoir bruadar,
A dh'fhuasgail ás gach càs mi;
Gun robh thu rium ri suairceas,
Cho uasal 's a bu ghnàth leat.
Nuair dh'fhosgail mi mo shùilean,
'N àm dùsgadh ás a phràmh sin,
Bu mhuladach mo smaointinn,
Gur aisling faoin a dh'fhàg mi.
Ach soraidh le do leannanachd,
On dh'aithnich mi do nàdur;
Nuair 's i an té lùisbeach riabhach,
A mhiannach thu 'na m'àite.
Cha bhi mi féin an diùmba riut,
A rùin ma's ise 's fheàrr leat;
'S gur h-i do rogha céile,
Nì éiridh leat am màireach.