Tha Mo Bhreacan-sa Fo'n Dìle
[Fonn / Tune]
Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle,
Chan fhaod mi innse mar tha e,
Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle.
Tha mo bhreacan-sa fliuch, fuarraidh;
Chan fhaod mi chuir suas a-màireach.
Tha mo bhreacan gu fliuch salach,
Chan fhaod mi teannadh ri fhàsgadh.
Tha mo bhreacan-s' air a mhilleadh,
Aig na gillean anns a' bhàta.
Tha mi màireach 'dol a sheòladh
'S chan ann gu m'eòlas air sàile.
'Dol a dh'eilein nan eun fiadhaich,
Cha tàinig neach riamh às sàbhailt'.
Bheir mo shoraidh do Ghleann Lòchraidh
Far an robh mi òg nam phàisde.
Soraidh eile do Ghleann Urchain
A dh'fhios nan tulmanan àlainn.
Far am bi na féidh 's an fhìreach,
Bric 's an linnidh, fir gan tàbhach.
'S far am faicte gruagach bhòdhach
'G iomain bhò gu bealach àireadh.
Tha na h-ighneagan an gruaim rium
O'n latha fhuair mi 'n còta sgàrlaid.
On a fhuair mi an t-eileadh cuaicheadh,
Claidheamh 's crios guailleadh sàirdeant.