Tha Mo Dhùil

[Fonn / Tune]



Tha mo dhùil, tha mo dhùil,
Tha mo dhùil-sa ri tilleadh
A dh'ionnsaigh dùthaich Mhic Leòid,
Far an òg robh mi mire.

Fhuair mi claidheamh sgaiteach, cruaidh,
Crios 'ga chumail suas mu m'mheadhon,
Deise dhearg a chlò nan Gall,
Cha robh meang anns a' ghille.

Fhuair sinn litrichean o'n Rìgh
Gus sinn fhìn dhèanamh ullamh;
Gus a dhol anull dhan Fhraing,
Gus am Frangach a thilleadh.

Nuair a chuir iad sinn air bòrd
Anns an òrdan bu ghrinne,
Bha gach fear ri thé ag radh
"Cha dèan pàirt againn tilleadh."

'S nuair a chaidh sinn air tìr,
A-measg sìoban is muran,
Thug sinn batal air an tràigh
'S gun d'rinn pàirt againn fuireach.

Thàinig esan, mac an Rìgh,
'S e mar aon dhinn 'nar cuideachd;
"An iad seo Gàidheil an Taobh-Tuath?
Bha iad bhuam 's fhuair mi uil' iad."

'S theich na Frangaich gu luath
Nuair a chual' iad an druma,
Theich iad a-mach ris a' ghleann
'S cha do sheall iad air gunna.

Tha mo dhùil, tha mo dhùil,
Tha mo dhùil-sa ri tilleadh
A dh'ionnsaigh dùthaich Mhic Leòid,
Far an òg robh mi mire.