Tha Mo Ghaol Air Aird A' Chuain
[Fonn / Tune]
Feasgar ciùin an tùs a' Chéitein,
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran,
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
'Seinn fo sgàil nan geugan uain'.
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh,
'S reult cha d'éirich anns an iarmailt,
Nuair a sheinn an òigh gu cianail,
"Tha mo ghaol air àird a' chuain."
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling,
'S lùb am braon gu caoin na flùrain,
Shéid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan.
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain,
Séimh is ciùin mar dhrùchd an òg-mhìos,
'S bha an t-séisd seo 'g éirigh 'n còmhnuidh --
"Tha mo ghaol air àird a' chuain."
Chiar an là is dheàrrs' na reultan,
Sheòl an ré measg neul nan speuran,
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga léireadh,
'S cha robh déigh air tàmh no suain.
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean,
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh;
O, bu bhinn a caoidhrean brònach --
"Tha mo ghaol air àird a' chuain."
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbhinn donn nam blàth-shul,
'S i ag ùrnuigh ris an Ard-Rìgh
"Dìon mo ghràdh 'th'air àird a' chuain."
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh,
Nuair a ghlac mi fhéin air làimh i,
"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt',
Thill mi slàn bharr àird a' chuain."