Tha Seachdaran Air An Adhar

[Fonn / Tune]



Chal o hì hiùraibh ó róho leathag,
Tha 'Seachdaran air an adhar,
Oho hì hiùraibh ó hi hiùraibh ó hò.

Tha 'Seachdaran air an adhar,
Chal o hì hiùraibh ó róho leathag,
'S tha ghealach gun éirigh fhathast,
Oho hì hiùraibh ó hi hiùraibh ó hò.

'S tha ghealach gun éirigh fhathast,
Chal o hì, [etc.]
Faodaidh fear na suiridhe gabhail
Oho hì hiùraibh, [etc.]

Ge b'e taobh an dèan e rathad,

Dh'ìochdar no dh'uachdar an taighe.

'S mise tha gun uaill gun aighear,

'S mo leannan ag iarraidh mnathadh.

Rìgh, ma tha, gun dèan e faighinn --

Bean gun rùm, gun leud, gun mhathas,

Crùbag air uachdar a taighe

Nach dèan roimh na h-uaislean gabhail,

Nach dèan ris na h-ìslean labhairt,

Nach cuir am bùrn air a làmhan,

Nach dèan falt a cinn a cheangal.

Nan tachrainn-sa riut air leathad

Dhèanainn rud nach d'rinn mi roimhe!

Cha téid mise nochd dha'n t-seòmar

'S gun mo rùn Uisdean Òg ann.

Chunna mi do long a' seòladh.

Air Dun Bheagain rinn i còrsa.