Tha Sinn A' Falbh


[Séisd:]
Tha sinn a' falbh, 's gum bi sinn a' falbh,
'S An t-Sealbh a bhith 'gar còmhnadh,
Nuair thig an t-sìth a-null o'n Fhraing,
Gun taing gu faigh sinn fòrladh.


'S bòidheach leam a' dol san ruaig sibh,
'S buadhach leam ur còmhdach,
Bonaid ghorm is ite peucaig,
'S trom mo cheum o'n sheòl sinn.

'S iomadh màthair tha gun mhac
Is piuthar tha gun bhràthair,
Is nighneag òg a tha gun leannan,
O'n sheòl sinn thar sàile.

'S tha na h-igheanagan fo mhulad
'S tha iad uile brònach;
A liuthad saighdear bòidheach dearg
A dh'fhalbh a dh'arm Rìgh Seòras.