O Théid Mi Fhìn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an t-searmon
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an t-searmon
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an t-searmon
'S chì iad mi falbh le mo Sheònaid.
Chaidh mi oidhch' a Radhanais 'us cabhadh-làir ri smùideadh,
Stùr bha bhàrr an rathaid ri dalladh air mo shùilean,
'Nuair a ràinig mis' an dorus 'sann a bha e dùinte,
Sin mar thug mi ùidh dha mo Sheònaid.
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an éisdeachd
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an éisdeachd
O théid mi fhìn le mo ghaol dha'n an éisdeachd
'S chan fhada gus an éighear an Ceòs sinn.
Nuair 'thig a' chlann-nighean dhachaidh teannar orra faighneachd
"Cò bh'agad ann an Gallaibh 'us an robh e coibhneil?"
Sgiathanach, gille Hearach, Barrach agus Caoidheach,
'Sa h-uile fear an geall air mo Sheònaid.
Tha balaich ann an Crosabost cho fada ri slat-chaoiteig,
'S ged a tha iad spaideil chan eil idir "tidy";
Nan tigeadh fear an rathad dhiubh gun cuirinn car 'na chuinnlean
Mus faigheadh e sgàth-oidhch' bho mo Sheònaid.
Ged nach cuir mi pleitichean no tacaidean no cruidhean,
Dhèanainn-sa fear-tighe dhuit cho math ri mac a' mhuilleir,
Pòsaidh mi mu Shamhainn thu ma ni thu suas d'inntinn,
'S gheibh mi deise ghrinn dha mo Sheònaid.